Dearbh-aithne:PC_TAYLOR_SKYE2009_14TUAIRISGEUL:Sealladh, a chaidh a thogail air 14 An Lùnastal 2009, de Gharsbheinn gu Sgùrr na Strì à Ealaghol, air oirthir an iar an Eilein Sgitheanaich.
Tha an dà chuid Garsbheinn (2,934 troigh) air an làimh chlì agus Sgùrr na Strì (1647 troigh) air an làimh dheis, suidhichte anns A' Chuilthinn Dhubh. Tha Sgùrr na Strì, ged nach eil i cho àrd air a measadh mar aon de na h-àiteachan as sònraichte airson sealladh fhaighinn air Druim A' Chuilthinn.
Faodar beanntan A' Chuilthinn san Eilean Sgitheanach a sgaradh nan dà bhuidheann: An Cuiltheann Dubh no 'fìor' agus An Cuiltheann Dearg. Tha An Cuiltheann Dubh nas àirde agus tha na stùcan as àirde san Eilean Sgiathanach nam measg, agus tha Sgùrr Alasdair aig 3255 troigh nam measg sin. Tha iad air an dèanamh de bhasalt agus gabbro agus tha an dà Rothach dheug san eilean nam measg. Tha Druim A' Chuilthinn suidhichte taobh a-staigh A' Chuiltheann Dhubh agus tha e a' gabhail a-steach cuid de na stùcan as àirde. 'S ann de chlach-gainmhich as motha a tha An Cuiltheann Dearg air an dèanamh suas agus dhiubh sin 's e Glamaig as àirde, aon den dà Chorbett san eilean.SIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: An SrathDEIT:14 Lùnastal 2009LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Andrew TaylorID Maoin:30120KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath