Cuimhneachan dha Dòmhnall MacLeòid, Rosal, Srath Nàbhair
Dearbh-aithne:PC_WDOWNIE_021TUAIRISGEUL:Rugadh Dòmhnall MacLeòid anmoch san 18mh linn ann an tuineachadh Rosal, Srath Nàbhair. Dh'fhuirich e an sin gus an deach am baile fhuadach ann an 1814 leis an teaghlach Sutharlanach gus àite a dhèanamh dha tuathanachas chaorach. 'S e clachair a bh' ann an Dòmhnall agus chaidh a chur às a thaigh dà uair eile mus do thuinnich e e fhèin ann an Dùn Èideann far am biodh e a' foillseachadh litrichean sa 'Weekly Chronicle', a' tarraing aire dhaoine do riaghladh oighreachd Chataibh. Rinn e eilthireachd anns na 1850an gu Ontario ann an Canada agus dh'fhoillsich e a chunntas fhèin air na fuadaichean ann an 1856 - 'Cuimhneachain fo Ghruaim'.
Dh'fhollaisich cladhach ann an Innis nan Lìon sna 1960an talamh àitich thairis air 60 acair, cuairtichte ann am balla cloiche. Chaidh seachdad structair aithneachadh, nam measg taighean fada, saibhlean, taighean bàthcha, iodhlainnean agus àthan airson tiormachadh coirceÀITE:RosalSGÌRE:Tunga agus FàrrSIORRACHD/PARRAIST:CATAIBH: FàrrDEIT:2000LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:W DownieID Maoin:30198KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath