Cruinneachadh de bhuinn

Cruinneachadh de bhuinn

Dearbh-aithne: PC_WD_WS_001 TUAIRISGEUL: Tha na buinn seo le Uilleam Shand. Rinn sgoilearan à Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann, agallamh còmhla ris mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005. Chaidh a thoirt dha airson a shaothair rè an dara Cogaidh agus airson saothair le Feachd Smàlaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Is iad seo na buinn bho chlì gu deas: Bonn na Bàn-righinn airson Seirbheisean Smàlaidh, a chaidh a thoirt a-steach ann an 1954. Rionnag 1939-45. Chaidh am bonn seo a thoirt do dhaoine airson seirbheis anns an dara Cogadh eadar 3 Sultain 1939 agus 2 Sultain 1945. Fhuair Uilleam Shand e airson saothair anns a' Chabhlach Rìoghail. Rionnag na Frainge is na Gearmailt. Gus an rionnag seo fhaighinn, dh'fheumadh seòladairean a bhith air seirbheis a dhèanamh ann an àiteachan sònraichte anns a' Chuan a Tuath, Caolas Shasainn no Bàgh Bhiscay. Fhuair Uilleam Shand claspa a' Chuain Siar airson seirbheis anns a' Chuain Siar no uisgeachan na dùthcha. Bonn an Dìon. Bha tòrr diofar riaghailtean ann a thaobh a bhith a' faighinn a' bhuinn seo ÀITE: Neo-iomchaidh LINN: 1940an; 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh CRUINNEACHADH: War Detectives (images) ID Maoin: 30229 KEYWORDS_GAELIC: