Dearbh-aithne:PC_WD_WS_003TUAIRISGEUL:Tha na buinn seo le Uilleam Shand. Rinn sgoilearan à Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Nàrann, agallamh còmhla ris mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005.
Is e Rionnag Cogaidh 1939-1945 a th' anns a' bhonn air an làimh chlì. Chaidh a thoirt do bhuill de nan seirbheisean armaichte a rinn co-dhiù 28 làithean de sheirbheis làn-ùine, gnìomhach no neo-gnìomhach, eadar 3 Sultain 1939 agus 2 Sultain 1945. Chithear aghaidh a' bhuinn anns an dealbh seo. Tha ceann Rìgh Sheòrais VI, air a bheil crùn, air agus tha na faclan 'GEORGIVS VI D: G: BR: OMB: REX ET INDIAE IMP' sgrìobhte air cuideachd. Tha dealbh de leòmhann na sheasamh air dràgon air an taobh eile.
Is e Bonn Seirbheisean Smàlaidh Eisimpleireach, 1954, a th' anns a' bhonn air an taobh dheis. Chaidh a thoirt do dh'Uilleam Shand airson a sheirbheis le Smàladairean na Gàidhealtachd is nan EileanÀITE:Neo-iomchaidhLINN:1940an; 1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' ChogaidhCRUINNEACHADH:War Detectives (images)ID Maoin:30230KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath