Bonn Iomairt Normandy

Bonn Iomairt Normandy

Dearbh-aithne: PC_WD_WS_006 TUAIRISGEUL: Tha am bonn seo le Uilleam Shand. Rinn sgoilearan à Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Nàrann, agallamh còmhla ris mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005. Is e Bonn Iomairt Normandy a th' ann. Tha e na bhonn cuimhneachaidh agus chaidh a bharantachadh le Comann Seann Saighdearan Normandy gus na daoine a ghabh pàirt ann an iomairt Normandy rè an dara Cogaidh a chomharrachadh. Cha bhi e air a thoirt do duine sam bith ach na daoine a ghabh pàirt ann an Iomairt Normandy eadar 6 Ògmhios agus 20 Lùnastal 1944, no na daoine as fhaisge an dàimh leotha. Tha na leanas sgrìobhte air a' bhonn: 'Blessent mon coeur d'une langueur monotone'. Tha seo na loidhne bhon dàn aig Paul Verlain Chanson d'Automne, a chaidh a chleachdadh rè an dara Cogaidh mar chòd, ag innse do Résistance na Frainge gu robh ionnsaigh Normandy gus teachd. Air 5 Ògmhios 1944, chaidh grunn teachdaireachdan pearsanta neo-àbhaisteach a chraoladh air a' BhBC. Cha robh ach beagan dhiubh cudromach. Beagan làithean ro D-Day, chuala oifigearan stiùiridh an Résistance a' chiad loidhne de dhàn Verlain: 'Les sanglots longs des violons de l'automne' ('caoineadh fada fhìdhlean as t-Foghair). Nuair a chuala iad an dara loidhne, bha fios aca gun tòiseachadh an ionnsaigh taobh a-staigh 48 uair. Bha an t-àm ann sabotàis a dhèanamh air an t-siostam conaltraidh air feadh na dùthcha ÀITE: Neo-iomchaidh LINN: 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh CRUINNEACHADH: War Detectives (images) ID Maoin: 30233 KEYWORDS_GAELIC: