Sgioba ball-basgaid as sine Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn 1969-70

Sgioba ball-basgaid as sine Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn 1969-70

Dearbh-aithne: PC_WGORDON3_003_011 TUAIRISGEUL: Sgioba ball-basgaid as sine Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn, bliadhna na sgoile 1969-70. Nan seasamh clì gu deas, sreath sa chùl, tha Sheumais Gòrdan, Iain MacIomhair, Robin Moireasdan, Calum Pringle agus Seumas Grannd. Nan seasamh clì gu deas, ris an aghaidh, tha Raibeart Steadwood, Teàrlach Foirbeis agus fear neo-aithnichte. 'S e 'Millburn Junior Secondary School' an t-ainm a bh' air an sgoil nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1961, an t-ainm a' tighinn o Allt a' Mhuilinn a bha ri a taobh. Cha b' ann gu 1967 a thàinig an t-ainm 'Acadamaidh' air an sgoil, an dèidh dha h-ainm atharrachadh grunn tursan san eadar-ama. Ann an 1979, nuair a dhùin seann togalaichean Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sìos sa Chrùn, thòisich Acadamaidh Allt a' Mhuilinn a' gabhail clasaichean suas dhan t-siathamh bliadhna, agus 's ann mar sin a tha i chun an là an-diugh. An-diugh tha barrachd air 1000 sgoilear air a' chlàr aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus tha cliù aice air feadh Alba air cho math 's a tha foghlam àrd-ìre innte. Chaidh sgoil ùr fhosgladh air 3mh den t-Samhain 2008 is chaidh a thogail air raon-chluich na seann sgoile. ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath LINN: 1960an; 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: W Gordon CRUINNEACHADH: Winnie Gordon (photographs) ID Maoin: 30306 KEYWORDS_GAELIC: