Caisteal Dhùin Robain agus a thalamh

Caisteal Dhùin Robain agus a thalamh

Dearbh-aithne: PC_WGORDON3_008_001 TUAIRISGEUL: Caisteal Dhùin Robain agus a thalamh. Tha Dùn Robain air a bhith na phrìomh-chathair aig Diùcan Chataibh on 12ra linn. An toiseach 's e tùr a bha sa chaisteal (o 1401) agus taigh mòr on t-17mh linn stèidhichte timcheall air gàrradh-cùirte sa mheadhan ach 's e glè bheag de na togalaichean tràtha sin a th' ann fhathast. Tha a' chuid as motha den taobh a-muigh drùidhteach (coltach ri stoidhle caisteal Frangach) bho mheadhan an 19mh linn. 'S e na h-ailtirean a dheilbh e Sir Charles Barry agus William Leslie. Sgrios teine ann an 1915 tòrr dhen taobh a-staigh aig Barry agus chaidh am prìomh-ailtire Albannach, Sir Raibeart Lorimer, a choimiseanadh gus dreach ùr a chur air iomadh rùm, nam measg an rùm-ithe, an rùm-suidhe agus an leabharlann. Chaidh taigh-tasgaidh a chruthachadh ann an 1878 ann an togalach aige a bha na thaigh-samhraidh roimhe. Tha clachan Cruithneach ann agus cuachan stalcaireachd ÀITE: Caisteal Dhùn Robain SGÌRE: Goillspidh, Raoghard agus An Luirg SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Goillspidh NEACH-FIOSRACHAIDH: W Gordon CRUINNEACHADH: Winnie Gordon (photographs) ID Maoin: 30314 KEYWORDS_GAELIC: