Dealbh de bhuidheann air a thogail aig Srath Dhùn Beithe
Dearbh-aithne:PC_WGORDON3_008_006TUAIRISGEUL:Buidheann dhaoine nan seasamh air drochaid luasgaidh aig Srath Dhùn Beithe, Gallaibh. Nan seasamh clì gu deas: Barabal Ros agus a clann Seòras, Barabal is Sìne.
Tha Srath Dhùn Beithe na laighe air cost an ear-dheas Ghallaibh, mu 23 mìle o bhaile Inbhir Ùige. Aig beul Srath Dhùn Beithe, tha baile beag Dhùn Beithe, an t-àite san do rugadh an t-ùghdar ainmeil Niall M. Guinne. Chaidh fear de na leabhraichean aige, 'Highland River', a stèidheachadh air an t-Srath 's air an abhainn a tha a' ruith troimhe, Uisge Dhùn Beithe. Mar a bha daoine a' fuireach san t-srath fad mhìltean de bhliadhnachan, tha e ainmeil cuideachd airson cho làn làraichean arc-eòlais 's a tha e. Tha slighe dualchais an-diugh tron sgìre agus rudan inntinneach rim faicinn air a' chuairt coiseachd, nam measg, seann Mhuileann mine, clach-tursa, Broch Dhùn Beithe, càrn seòmarach, seann bhaile croitearachd agus Bealach Leum a' PhrìosanaichÀITE:Dùn BeitheSGÌRE:Gallaibh a DeasSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: LatharanDEIT:1931LINN:1930anNEACH-FIOSRACHAIDH:W GordonCRUINNEACHADH:Winnie Gordon (photographs)ID Maoin:30318KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath