Tuiltean Dhrochaid Chàrr, 1923 - Crann a' togail pìob air no dheth cairt rèile

Tuiltean Dhrochaid Chàrr, 1923 - Crann a' togail pìob air no dheth cairt rèile

Dearbh-aithne: PC_WHARTON_FLOODS_026 TUAIRISGEUL: Pìob ga togail air, no far, cairt rèile faisg air Drochaid Chàrr. Air 8 An t-Iuchar 1923, an dèidh fìor dhroch stoirmean, bha tuiltean ann an sgìre Dhrochaid Chàrr ann an Siorrachd Inbhir Nis. Ri linn seo, thuit sia drochaidean rèile agus rathaid, chaidh faisg air leth mhìle de bhruaich rèile a leagail agus chaidh obraichean airson dìon bho thuiltean a mhilleadh gu tur. Fhuair an Ridire Raibeart MacAilpein agus a Mhic cùmhnant airson a càradh agus bha 250 fireannach aca ag obair air an làraich - bha iad a' fuireach ann am bothain a chaidh a thogail ann am fìor chabhaig. Am measg an luchd-obrach bha obraichean, goibhnean, saoir, agus meacanaigean, a thuilleadh air luchd-clàirc agus luchd-obrach eile. Chaidh daoine a bha a' siubhal agus bathar a chur tro Bhaile nan Granndach agus Farrais fhad 's a bha iad a' càradh nithean an seo. Dh' fhosgail an rathad eadar Drochaid Chàrr agus Inbhir Nis air 15 dhen Iuchar ach cha do dh' fhosgail an rèile a-rithist gu 31 dhen Lùnastal ÀITE: Drochaid Chàrr SGÌRE: Bàideanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais CREATOR (AV): William Paterson DEIT: 1923 LINN: 1920an NEACH-FIOSRACHAIDH: Mary Anne Wharton CRUINNEACHADH: Carrbridge Floods, 1923 ID Maoin: 30467 KEYWORDS_GAELIC: