Tuiltean Dhrochaid Chàrr, 1923 - Drochaid ùr an àite an drochaid a chaid a sguabadh air falbh - High Life HighlandAsset - High Life HighlandAsset - High Life Highland
Tuiltean Dhrochaid Chàrr, 1923 - Drochaid ùr an àite an drochaid a chaid a sguabadh air falbh
Dearbh-aithne:PC_WHARTON_FLOODS_034TUAIRISGEUL:Na ciad ìrean de thogail drochaid rèile ùr faisg air Drochaid Chàrr.
Air 8 An t-Iuchar 1923, an dèidh fìor dhroch stoirmean, bha tuiltean ann an sgìre Dhrochaid Chàrr ann an Siorrachd Inbhir Nis. Ri linn seo, thuit sia drochaidean rèile agus rathaid, chaidh faisg air leth mhìle de bhruaich rèile a leagail agus chaidh obraichean airson dìon bho thuiltean a mhilleadh gu tur.
Fhuair an Ridire Raibeart MacAilpein agus a Mhic cùmhnant airson a càradh agus bha 250 fireannach aca ag obair air an làraich - bha iad a' fuireach ann am bothain a chaidh a thogail ann am fìor chabhaig. Am measg an luchd-obrach bha obraichean, goibhnean, saoir, agus meacanaigean, a thuilleadh air luchd-clàirc agus luchd-obrach eile. Chaidh daoine a bha a' siubhal agus bathar a chur tro Bhaile nan Granndach agus Farrais fhad 's a bha iad a' càradh nithean an seo.
Dh' fhosgail an rathad eadar Drochaid Chàrr agus Inbhir Nis air 15 dhen Iuchar ach cha do dh' fhosgail an rèile a-rithist gu 31 dhen LùnastalÀITE:Drochaid ChàrrSGÌRE:BàideanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Daothal 's Ràta MhurchaisCREATOR (AV):William PatersonDEIT:1923LINN:1920anNEACH-FIOSRACHAIDH:Mary Anne WhartonCRUINNEACHADH:Carrbridge Floods, 1923ID Maoin:30475KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath