Anna NicLeòid

Anna NicLeòid

Dearbh-aithne: PC_WMORRISON_020 TUAIRISGEUL: Chaidh an dealbh seo de Anna NicLeòid a thogail aig Sgobhairidh, ach tha cùl na deilbh a' sealltainn gun robh i a' fuireach ann a' Bhatan. Tha baile beag Sgobhairidh air cost an iar Chataibh aig ceann Bagh Sgobhairidh mu letheach slighe eadar Diùranais agus Ulapul. Air sgàth blàths bho Sruth a' Chamais fàsaidh craobhan pailme anns na gàrraidhean aig Taigh Sgobhairidh. Rugadh Uisdean MacAoidh ann an Sgobhairidh. B' esan Seanailair Breatannach san t-17mh linn a bha anns an Ar-a-mach Ghlòrmhor ann an1688. Tha Bhatan air an rathad eadar Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh. 'S cinnteach gur ann às an t-seann chànan Lochlannach 'vatn' a tha an t-ainm, a' ciallachadh uisge. Tha Loch Bhatan a tha faisg air làimh, ainmeil airson iasgach a' bhric ÀITE: Sgobhairidh SGÌRE: Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas NEACH-FIOSRACHAIDH: Willie Morrison CRUINNEACHADH: Willie Morrison Archive ID Maoin: 30516 KEYWORDS_GAELIC: