Taigh-òsta A' Pharbh

Taigh-òsta A' Pharbh

Dearbh-aithne: PC_WMORRISON_027 TUAIRISGEUL: Tha Taigh-òsta A' Pharbh air leth-eilean le seallaidhean thairis air Caolas Dhiùranais ann an Cataibh. Air sgàth gach seòrsa lus agus beathaic a tha anns an sgìre 's e làrach le sùim shònraichte shaidheansail fo chùram SNH a th' anns an sgìre. 'S e Am Parbh am pìos as fhaide don iar-thuath air tir-mòr Alba agus 's ann às an t-seann chànan Lochlannach a tha an t-ainm airson àite-tionndaidh. Chaidh an taigh-solais air an rubha a thogail le Raibeart Stevenson ann an 1828 agus tha pìos mòr den fhearann an sin air a chleachdadh le Ministrealachd an Dìon airson trèanadh ann am bomadh. Tha am MoD a' ruith prògram cuideachd a bhios a' cumail sùil air buaidh na h-obrach aca air an àrainneachd mun cuairt ÀITE: Ceòldail SGÌRE: Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Diùirnis NEACH-FIOSRACHAIDH: Willie Morrison CRUINNEACHADH: Willie Morrison Archive ID Maoin: 30522 KEYWORDS_GAELIC: