Seòras Caimbeul  's caraidean ann an Ceann Loch Biorbhaidh

Seòras Caimbeul 's caraidean ann an Ceann Loch Biorbhaidh

Dearbh-aithne: PC_WMORRISON_060 TUAIRISGEUL: 'S e seo dealbh-camara de Sheòras Ailig Caimbeul (clì), Alasdair Tom Corbett (meadhan) agus fear nach eil aithnichte (deas). Chaidh seo a thogail ann an Ceann Loch Biorbhaidh anmoch sna 1950an no tràth sna 60an. Tha Ceann Loch Biorbhaidh na laighe air cost an iar Chataibh, air taobh a tuath Loch an Innis Àird faisg air Ruigh Còinnich. Bha croitearachd riamh cudromach san sgìre ach sna 1940an dh'fhàs e mar phort do bhàtaichean-iasgaich. Leis mar a bha àireamh an èisg, thàinig air bàtaichean on chost an ear a dhol a dh'iasgach na b' fhaide dhan iar agus bha tòrr dhiubh a' cur an èisg air tìr ann an Ceann Loch Biorbhaidh. An-diugh 's e fear de na puirt as motha an Alba far an cuir bàtaichean iasg gu tìr. 'S e an togalach poblach as aosta sa bhaile, Eaglais 'na Pàrlamaid', a chaidh a thogail le Tòmas Telford ann an 1829 ÀITE: Ceann Loch Biorbhaigh SGÌRE: Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais SIORRACHD/PARRAIST: CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas LINN: 1950an; 1960an NEACH-FIOSRACHAIDH: Willie Morrison CRUINNEACHADH: Willie Morrison Archive ID Maoin: 30546 KEYWORDS_GAELIC: