Seula Alasdair de Yle, Tighearna nan Eilean is Iarla Rois 1440
Dearbh-aithne:QZP40_02TUAIRISGEUL:Ged a bu bhan-Lochlannach a mhàthair, thionndaidh Somhairle an aghaidh nan riaghladairean Lochlannach anns Na h-Eileanan Siar is bha e soirbheachail dhan ruagadh a-mach. B' esan ciad Tighearna nan Eilean, is thàinig na Tighearnan gu lèir na dhèidh o shliochd.
Ann am meadhan an 12mh linn, 's ann aig Clann Dòmhnaill a bha an tiotal 'Tighearnan nan Eilean'. Bha iad air an ainmeachadh an dèidh ogha Shomhairle, Dòmhnall, is chum an cumhachd is am buaidh aca a' fàs. Dh'fhàs Tighearnan nan Eilean cho cumhachdach 's gum b'urrainn dhaibh feuchainn air Crùn na h-Alba aig blàr Arla is Inbhir Lòchaidh. Thàinig an Tighearnas gu crìch ann an 1493 nuair a rinn Iain Dòmhnallach is Eideard IV à Sasann cùmhnant a chum Alba a roinn. Mu dheireadh, thug Crùn na h-Alba air na fearainn aige a thoirt dhaibh.
B' e Alasdair - 's e an seula aige-san a tha seo - athair Iain Dòmhnallaich. Thàinig Alasdair gu bhith na Thighearna nan Eilean nuair a bhàsaich athair is chaidh an tiotal 'Iarla Rois' a thoirt dha ann an 1424. Bha Alasdair ro chumhachdach is na chunnart, ann am beachd Sheumais I, is chaidh a chur an grèim is a chur dhan phrìosan ann an 1426. Mar dhìoghaltas airson seo, loisg Alasdair Inbhir Nis nuair a chaidh a leigeil às a' phrìosan. Fhuair e a' mhòr-chuid den chumhachd is den fhearann aige air ais mus do bhàsaich e sa Chèitean 1448.
Tha an dealbh seo de sheula Alasdair, Tighearna nan Eilean, air a toirt o 'The Earldom of Ross' le D Moireach Rose (1900)ÀITE:N/ACREATOR (AV):unknownDEIT:1900LINN:1440anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:30732KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath