Dearbh-aithne:QZP40_82_VOLI_P007TUAIRISGEUL:Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.
Tha Clann MhicNeachdainn den bheachd gur ann à sliochd nan riaghladairean mòra Cruithneach ann am Moireabh a tha iad. Bha an t-ainm Neachdainn (a tha a' ciallachadh fìor-ghlan) bitheanta ann an co-dhiù aon mheur den sliochd rìoghail Cruithneach. Chaidh còir-sgrìobhte a thoirt do Ghille Chrìosd, mac Mhaolchaluim MhicNeachdainn le Alasdair III a' toirt dha dreachd mar neach-glèidhidh caisteil a bha na àite faire mu choinneimh Chumhang a' Bhrannraidh, a tha a' ceangail Ceann Loch Obha le Loch Eite. Bha Dunderave air Loch Fìne agus Caisteal Dubh Locha ann an Gleann Sìoraibh leis cuideachd. Mar charaidean Dùghallaich Latharna, chuir iad an aghaidh Raibeart Brùs agus shàbaid iad na agaidh aig Blàr Dhàil Rìgh ann an 1306. Nuair a chaidh Raibeart Brùs na rìgh, chaill iad tòrr den talamh aca do na Caimbeulaich. A chionn 's gun robh iad taiceil do Dhàibhidh II, ge-tà, chaidh talamh eile a thoirt dhaibh ann an Eilean Leòdhais far a bheil tobhta a' chaisteil aca ri fhaicinn fhathast.
Bha Clann MhicNeachdainn cuideachd nan luchd-taic dìcheallach do na Stiùbhartaich agus chaochail an ceann-cinnidh Alasdair, còmhla ri Seumas IV aig Flodden ann an 1513. 'S e neach-taic daingeann Theàrlaich I a bh' ann an Alasdair MacNeachdainn. Chruinnich e feachd luchd-bogha airson taic a chumail ris na reubaltaich Huguenot anns an t-sabaid an aghaidh Càirdineal Richeliu. Chaidh a dhèanamh na ridire le Teàrlach II. Bha Iain MacNeachdainn an ceann a chinnidh aig Blàr Raon Ruairidh a' sabaid air taobh Sheumais VII agus, mar thoradh air seo, chaill e a oighreachd fo Achd Abhartaich 1691.
Bha aig Iain, fear Dunderawe, an ceann-cinnidh agus an ceann-cinnidh mu dheireadh nan Neachdainneach ri a thalamh a thoirt seachad gu foirmeil do Mhac Iain Riabhaich ann an 1710. Chaochail Iain gun sliochd ann an 1710DEIT:1845LINN:1840anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:The Clans of the Scottish HighlandsID Maoin:30858KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath