MacFhearghais

MacFhearghais

Dearbh-aithne: QZP40_82_VOLI_P024 TUAIRISGEUL: Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain. Tha iomadh teaghlach leis an t-sloinneadh MacFhearghais no Fearghasdan air feadh na h-Alba. Mar eisimpleir, tha teaghlaichean nam Fearghasdan ann ann an Earra-Ghàidheal, ann am Fìobh agus ann an Siorrachdan Air, Dhùn Phris, Pheairt agus Obar Dheathain. Tha an fheadhainn ann an Earra-Ghàidheal den bheachd gur ann o shliochd rìgh Dhàl Riata, Fearghas Mòr Mac Eirc, a tha iad. Tha an fheadhainn ann an iar-dheas na h-Alba den bheachd gur ann o slhiochd Fhearghais, Prionnsa Ghall-Ghàidhealaibh a bha beò san 12mh linn, a tha iad. Bha fearann aig Fearghasdanaich Earra-Ghàidheil ann an Srath Chura gu toiseach an 19mh linn. Bha cuid de theaghlach Chille Chiarain à Siorrachd Air gu mòr an sàs ann an gnothaichean na Stàite agus chaidh Sir Seumas MacFhearghais a chur an dreuchd mar Mhorair Seisein ann an 1735 nuair a ghabh e an tiotal Morair Chille Chiarain. Thug a mhac, Seòras, am Morair Seisein ann an 1799, an tiotal am Morair Hermand air fhèin. Ann an Siorrachd Pheairt, bha Fearghasdanaich ann an Athall agus ann am Both Chuidir, agus bha tòrr dhiubh nan Seumasach gu an cùl. Air an làimh eile, bha tòrr de na Fearghasdanaich à Earra-Ghàidheal, Siorrachd Obar Dheadhain agus às a' Ghalldachd air taobh Hanòbhair, gu tric a' sabaid an aghaidh Fhearghasdanaich eile. Tha saighdearan cliùiteach Fearghasdanach air a bhith ann an arm Bhreatainn. Mar eisimpleir, san 20mh linn, Bha Sir Teàrlach MacFhearghais, Riaghladair Shealain Nuaidh bho 1924-1930, agus a mhac, Ceannard-feadhna Sir Bernard MacFhearghais, a bha cuideachd na Riaghladair Coithtcheann air Sealan Nuadh bho 1962-1967 DEIT: 1845 LINN: 1840an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: The Clans of the Scottish Highlands ID Maoin: 30875 KEYWORDS_GAELIC: