Dearbh-aithne:QZP40_82_VOLI_P032TUAIRISGEUL:Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.
'S ann o shliochd Iain Fhraoich, mac Aonghais Òig agus bràthair Iain, a' chiad Tighearna nan Eilean, a tha Dòmhnallaich Ghleann Comhann (Clann MhicIain). Ged a bhiodh Dòmhnallaich Ghleann Comhann a' toirt taic do chàirdean is luchd-cinnidh nuair a bha taic a dhìth, tha e coltach gur e cinneadh beag agus gu math sìtheil a bh' annta agus nach robh miann aca fearann a' chinnidh a leudachadh. Tha ainm a' chinnidh ainmeil mar thoradh air Murt Ghleann Comhann, a thachair ann an 1692, nuair a chaidh Rèisimeid Earra-Ghàidheal, fo smachd Caimbeulach Gleann Lìomhann, a chur a Ghleann Comhann leis an Riaghaltas airson nan Dòmhnallach a mharbhadh. Bha an Riaghaltas airson eisimpleir a dhèanamh de Chlann MhicIain a chionn 's nach tug iad bòid dìlseachd do dh' Uilleam III. Ach bha MacIain air a' bhòid a ghabhail don Rìgh, ged a ghabh e i beagan làithean às dèidh a' cheann-ama a chaidh a thoirt dha. Bha na saighdearan a' fuireach còmhla ri muinntir Ghleann Comhann fad trì làithean deug ron mhurt. Thug na Dòmhallaich aoigheachd do na saighdearan fad tri làithean deug ach chaidh ionnsaigh a thoirt orra fhad 's a bha iad nan cadal. A rèir beul-aithris, ge-tà, thug saighdearan rabhadh do chuid ro làimh agus mar sin, theich a' mhòrchuid ron mhuirt agus cha deach ach 38 duine a mharbhadh. Ged nach deach cus dhaoine a mharbhadh anns a' chasgradh seo an taca ri muirt eile, thathar ga chuimneachadh air sgath na dòigh anns an deach a dhèanamhDEIT:1845LINN:1840anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:The Clans of the Scottish HighlandsID Maoin:30883KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath