Dearbh-aithne:QZP40_126_P128TUAIRISGEUL:Chaidh Gilleasbaig Caimbeul (1598-1661), 8mh Iarla Earra-Ghàidheal, a dhèanamh na Mharcais le Teàrlach I an 1641. Chùm e taic às dèidh ge-tà ris na Cùmhantaich agus dragh orra mu oidhirpean Theàrlaich a chum gus am faigheadh Eaglais Easgaibeach prìomhachas thar na h-Eaglaise Clèiriche. Bha beachdan radaigeach aige agus tè ac' gun gabhadh e fhèin cathair an rìgh. Thug e taic do Chrombal an aghaidh Theàrlaich I ach fhuair Marcais Mhon Rois buaidh air iomadach uair mas do rinn e fhèin a' chùis aig Filiopfach an 1645.
B' e Caimbeul ceannard Riaghlatas na ha-Alba as leth Chrombail, ach an dèidh cur gu bàs Theàrlaich I, thug e a thaic do Theàrlach II. B' e Caimbeul a chuir an crùn air ceann an Rìgh aig Sgàin an 1650.
A' bhliadhna ud fhèin, ge-tà, chaidh Caimbeul gun taobh eile (taobh Chrombail) a-rithist. Cha d'fhuair e rìamh maitheanas bho Theàrlach II airson seo, agus chaidh chuir gu bàs air toil Theàrlaich II an 1661.
B' e ceann Chaimbeil a ghabh àite cinn Mharcais Mhon Rois air mullach spìce an Dùn Èideann.
Tha an dealbh seo a' nochdadh sa leabhar 'A History of the Highlands and of the Highland Clans' le Seumas BrowneDEIT:1839LINN:1650anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:30896KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath