Dearbh-aithne:QZP40_130_P060TUAIRISGEUL:B' e aodach sìmplidh a bha air na daoine cumanta air a' Ghàidhealtachd tràth anns an 18mh linn.
Bha plaide air na fireannaich, a bha mu 4-6 slatan a dh'fhaid agus 2 shlait a leathad. Bha e ceangailte mun mheadhan na phleataichean. Bha an ceann ìseal a' ruighinn na glùine agus bha an ceann àrd air a cheangal tarsainn air a ghualainn le prìne no bràiste. Bha lèine orra fon phlaide.
Air sgàth nach robh pòcaid anns a ' phlaide bha iad a' caitheamh sporran ceangailte mum meadhan. Gu tric bhiodh sgian is forca, dà dhaga agus sgian aca cuideachd. 'S ann ainneamh a bhiodh brògan orra. Bhiodh iad casruisgte no bhiodh pìos leathair ceangailte mun casan.
Bha plaide air na boireannaich cuideachd agus bhiodh lèine le muilcheann fhada orra fodha. Bha plaide nam boireannach a' ruighinn bho h-amhaich gu casan agus bha e ceangailte tarsainn a broillich le bucall mòr agus mu meadhan le crios leathair.
Bha na boireannaich ceann-ruisgte gus am pòsadh iad, no gus an ruigeadh iad aois shònraichte. An dèidh sin bha ad oirre ris an canadh iad currac a bha air a dhèanamh à anart agus a bha ceangailte fon smiogaid.
Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Letters from a Gentleman in the North of Scotland to his friend in London'. Chaidh na litrichean a chlò-bhualadh gun urra, a sgrìobhadh le Edmund Burt, a bhàsaich ann an 1755.ÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathDEIT:1760LINN:1720anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:30905KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath