Plana Blàr Chùil Lodair, 16mh den Ghiblein 1746

Plana Blàr Chùil Lodair, 16mh den Ghiblein 1746

Dearbh-aithne: QZP40_144_P156 TUAIRISGEUL: B' e Blàr Chùil Lodair am blàr mu dheireadh air talamh Bhreatainn a bha làimh ri làimh. Chuir am blàr crìoch air Ar-a-mach nan Seumasach bho 1745 agus air dòchas nan Seumasach anns an fharsaingeachd. Anns a' Ghiblean 1746, bha arm nan Seumasach sgìth, acrach agus fo ghruaim an dèidh caismeachd fhada gu tuath à Dàrbaidh. Leis an aim a' teiche gu tuath leis an Diùc Chumberland air an tòir thòisich grunnan de na Gàidheil air tarraing. A dh'aindheoin comhairle bhon Mhorair Seòras Moireach iad a theiche do na beanntan agus sabaid às an sin, thagh Am Prionnsa Teàrlach Mòinteach Chùil Lodair mar an t-àite anns an seasadh iad an aghaidh arm an riaghaltais. Air oidhche an 15mh den Ghiblean 1746, rinn an airm Seumasaich caismeachd air Inbhir Narann à Cùil Lodair leis an dòchas gun toireadh iad ionnsaigh air airm Diùc Chumberland gun fhiosda. Ach, nuair a ràinig iad Inbhir Narann tràth anns a' mhadainn, lorg iad saighdearan an riaghaltais nan dùisg agus a' comharrachadh an 25mh co-là breith aig an Diùc. Thionndaidh na Seumasaich agus rinn iad deich mìle caismeachd air ais a Chùil Lodair. Nuair a thuig an Diùc Chumberland gun robh na Seumasaich air a bhith a' caismeach fad na h-oidhche, chuir e roimhe an coinneachadh air Mòinteach Chùil Lodair. Bha am blàr seachad taobh a-staigh uair a thìde. Chaidh mu 1,500 Seumasach a mharbhadh anns a' bhlàr agus as a dèidh le daoine neo-chionntach nam measg nach do ghabh pàirt anns a' bhlàr agus boireannaich is clann. Choisinn na gniomhan seo am farainm 'Buidsear' don Diùc Chumberland. Theich Am Prionnsa Teàrlacham blàr mus do chriochnaich an t-sabaid agus mu dheireadh fhuair e air falbh don Fhraing agus An Ròimh. Tha am mapa seo a' sealltainn gluasadan an airm ron a' bhlàr. 'S ann bho 'Historical Geography of the Clans of Scotland' le T B MacIain & Col Seumas A MacDhonnachaidh, 3mh Dreach, 1899 a tha e ÀITE: Mòinteach Chùil Lodair SGÌRE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros DEIT: 1899 LINN: 1740an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (maps) ID Maoin: 30916 KEYWORDS_GAELIC: