Caistealan Clann na Ceàrdaich agus Goirneag-Geòdh'
Dearbh-aithne:QZP40_159_125TUAIRISGEUL:Thathar air eachdraidh na làraich seo ath-sgrìobhadh às dèidh rannsachaidh le Field Archaeology Specialists Ltd (FAS) aig Oilthigh York.
Bhathar a' creidsinn gun do thog Iarlan Ghallaibh dà chaisteal an seo: fear sa 15mh linn agus fear eile aig toiseach an t-17mh linn. Is e 'Caisteal Goirneag-Geòdh'' a bh' air a' phrìomh structair agus b' e 'Caisteal Mhic na Ceàrdaich' a bh' air an togalach eile. Bhathar den bheachd gun deach an dà chuid a sgrios le gunnaichean-mòra ann an ionnsaigh ann an 1690.
A dh'aindeoin seo, tha rannsachadh FAS air dearbhadh nach robh ach aon chaisteal ann riamh. Chaidh tòiseachadh air an caisteal a thogail cho tràth ri deireadh a' 14mh linn agus bhathar air cur ris an togalach thar nam bliadhnaichean. Thogadh am pàirt mu dheireadh dhen chaisteal san t-17mh linn.
Ann an 1606, fhuair Iarla Ghallaibh Achd Pàrlamaid gus ainm a' chaisteil atharrachadh bho Chaiseal Goirneag-Geòdh gu Caisteal Mhic na Ceàrdaich ach bhiodh daoine fhathast a' cleachdadh an dà ainm. 'S ann mar thoradh air seo a bha mì-thuigse ann agus gun robhar den bheachd gun robh dà chaisteal ann.
Caisteal Mhic na Ceàrdaich Giornaigeò air fhosgladh don mhòr-shluagh an 1mh Lùnastail 2010 an dèidh pròiseict ath-thogail a sheas deich bliadhna, a' cosg £700,000. Tha dà earrann eile air am planadh a nì an togalach na phrìomh tharraing turasachd.
Tha an dealbh seo a' nochdadh anns an leabhar 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1', deasaichte le Iain S. KeltieÀITE:Inbhir ÙigeSGÌRE:Gallaibh an EarSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: Inbhir ÙigeDEIT:1874LINN:1870anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:30923KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath