Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois

Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois

Dearbh-aithne: QZP40_159_270 TUAIRISGEUL: B' e Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois, fear de na ceithir uaislean a dhealbh an Cùmhnant Nàiseanta ann an Eaglais nam Manach Liath, Dùn Eideann, ann an 1638. Bha iad an aghaidh oidhirpean Theàrlaich I riaghladh na h-eaglais Easbaigich a stèidheachadh ann an Alba an àite Clèireachd. B' e pàipear a bha sa Chùmhnant ris an do chuir daoine na h-ainmean aca, a' gealltainn gun dèanadh iad dìon air còirichean na h-Alba ann an cùisean mun eaglais is na Stàite. Bha iad ag iarraidh gun deaghadh an dòigh anns an robh Alba air a riaghladh atharrachadh is gum biodh cumhachd an Rìgh air a chuingealachadh. Cha robh an Greumach cho làidir, ge-tà, is bha na Cùmhnantaich a' cur dragh air. Mar thoradh air an seo, chaidh e gu taobh Theàrlaich I an aghaidh nan Cùmhnantach is feachd Chrombail. Bha an Greumach soirbheachail ann an iomadh blàr air feadh na Gaidhealtachd mar cheannard feachd nan Rìoghairean ann an Alba mus d'fhuair e òrdugh na saighdearan a leigeil mu sgaoil is teiche dhan Fhraing. Thill e a dh'Alba a chum dìoghaltas a dhèanamh airson bàs Theàrlaich I, ach chaidh a ghlacadh ann an Carbasdail. Chaidh a chur an grèim aig Caisteal Aird Bhreac is chaidh a chrochadh ann an Dùn Eideann. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie DEIT: 1874 LINN: 1870an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 30935 KEYWORDS_GAELIC: