Dearbh-aithne:QZP40_159_368TUAIRISGEUL:Air an t-27mh Iuchar 1689, bha arm nan Seumasach agus Morair Dhùn Deagh air an ceann agus arm nan Uilleamach (Uilleam à Orange) agus an seanalair Ùisdean MacAoidh air an ceann, a' sabaid aig Coille Chnagaidh. Bha Morair Dhùn Dèagh air làmh an uachdair fhaighinn gu gleusta le bhith ga shuidheachadh fhèin air druim aig gob a' bhealaich. Thàinig an seanalair MacAoidh agus dh'fhuirich e air an talamh rèidh a bha gu h-ìseal, an àite ionnsaigh a thoirt suas air beinn. Bha Morair Dhùn Dèagh air toirt orra a dhol far an robh a' ghrian nan sùilean agus an abhainn air an cùlaibh.
Nuair fhuair iad an òrdugh, ruith na Seumasaich a-nuas, a' losgadh an toiseach agus an uairsin a' dol an sàs ann an saighdearan MhicAoidh le an claidhmhnean mòra. Theich saighdearan aineolach MhicAoidh leis an eagal agus na Seumasaich as an dèidh. Leum saighdear, Dòmhnall MacBheathain, a bha ann am feachd MhicAoidh, Abhainn Gharaidh agus tha Leum an t-Saighdeir mar ainm air an àite sin chun an latha an-diugh. Le cho èifeachdach 's a bha ionnsaigh Dhùn Dèagh, cha do sheas am blàr ach cairteal na h-uarach; ach chaidh Morair Dhùn Dèagh a mharbhadh agus mar sin chaidh arm nan Seumasach ma sgaoil.
Chaidh an dealbh seo a thoirt bho 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. KeltieÀITE:Coille ChnagaidhSGÌRE:A' Ghàidhealtachd / Siorrachd PheairtSIORRACHD/PARRAIST:PEAIRT: Blàr AthallDEIT:1874LINN:1870anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:30947KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath