Dùn Chailleann san t-17mh linn.

Dùn Chailleann san t-17mh linn.

Dearbh-aithne: QZP40_159_384 TUAIRISGEUL: Tha Dùn Chailleann 15 mìle (24clm) tuath air Peairt air Abhainn Tatha. San 9mh linn dh'òrdaich Coinneach MacAilpein gum b' e Dùn Chailleann prìomh làrach na h-Eaglaise Ceiltich. Cuideachd, b' e Dùn Chailleann, còmhla ri Sgàin, prìomh bhailtean rìoghachd ùr nan Cruithneach agus nan Albannach. Thug iad Alba mar ainm air an rìoghachd. Chaidh cathair-eaglais Dhùn Chaillinn a thogail ann an 1325 ach chaidh a sgrios aig àm an Ath-leasachaidh. Chaidh baile Dhùn Chaillinn fhèin a sgrios aig àm Blàr Dhùn Chaillinn ann an 1689. An deidh Blàr Choille Chnagaidh theich feachdan an riaghaltais air ais gu Dùn Chailleann agus thàinig barrachd shaighdearan Chamshronach thuca a-sin. Air an 21mh dhen Lùnastal 1689 leum 4000 Seumasach orra agus an dèidh 16 uairean a thìde cha robh ach 3 taighean ann an Dùn Chailleann nach deach am bualadh. A dh'aindeoin 's gun do bhuannaich iad Blàr Dhùn Chaillinn bha aramach nan Seumasach a' tòiseachadh a' call a neirt. Chaidh Dùn Chailleann a thogail as ùr mar bhaile margaidh agus mar ionad malairt far an robh rathaidean na dròbh a' coinneachadh. Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie ÀITE: Dùn Chailleann SGÌRE: A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt SIORRACHD/PARRAIST: PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh DEIT: 1874 LINN: 17mh linn NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 30950 KEYWORDS_GAELIC: