Dearbh-aithne:QZP40_159_400TUAIRISGEUL:Tha deich mìle de dh'fhaid ann an Gleann Comhainn a tha a' ruith eadar Loch Lìobhain agus Mòinteach Rainich. Tha e ainmeil a thaobh creag-eòlais agus lus-eòlais agus cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba e ann an 1930. Tha druim Aonach Eagach, air taobh tuath a' ghlinne, ainmeil mar an t-àite sreap as duilghe air tìr-mòr na h-Alba. Tha Bidean nam Bian air an taobh ìseal a deas agus Buachaille Eite Bheag, a tha a' ruighinn air ais gu Gleann Eite, agus Buachaille Eite Mhòir air an taobh uachdrach a deas. Tha luchd-sreap agus luchd-coiseachd nam beann glè dhèidheil air an sgìre seo.
Tha an gleann ainmeil cuideachd air sgàth Murt Ghlinne Comhainn. Ann an 1692 chuir an Riaghaltas saighdearan dearga fo cheannard Caimbeulach dhan ghleann a mharbhadh Clann Iain Ghlinne Comhainn. Bha iad airson eisimpleir a dhèanamh de Chlann Mhic Iain a chionn 's nach tug iad bòid dìlseachd do dh' Uilleam III. Fhuair na saighdearan dearga dìon bhon chathadh agus thug iad ionnsaigh air cloinn Mhic Iain fhad 's a bha iad nan cadal. Chaidh 38 duine a mharbhadh.
Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. KeltieÀITE:Gleann ComhannSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEALDEIT:1874LINN:1870anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:30952KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath