Inbhir Nis aig deireadh an t-17mh linn

Inbhir Nis aig deireadh an t-17mh linn

Dearbh-aithne: QZP40_159_456 TUAIRISGEUL: Tha Inbhir Nis aig ceann a' Ghlinn Mhòir air bruaich Abhainn Nis. Thathas gu tric a' bruidhinn air mar phrìomh bhaile na Gàidhealtachd. Chaidh a stèidheachadh mar Bhaile Mòr no Burgh Rìoghail ann an 1158 leis an Rìgh Daibhidh. Tha ceanglaichean aig a' bhaile ri MacBheatha a thog caisteal an seo. Ann an 1303 bha saighdearan a' fuireach agus a' riaghladh anns a' bhaile agus an dèidh sin fhuair luchd-taic Raibeirt Brus seilbh air. Ann an 1508 ghabh Iarla Hunndaidh am baile thairis aig àm a' Cheannairc Ghlòrmhoir ann an 1688. Bho dheireadh an t-17mh linn nuair a chaidh an dealbh-shnaidhte seo a dhèanamh, bha iomadh tachartas sa bhaile. Chunnaic am baile Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745, a thàinig gu ceann am Blàr Chùil Lodair ann an 1746.; cuideachd mar a thàinig Canàl a' Chaledonian ann an 1822; cuideachd an aon choinneamh riamh de Chaibineat Bhreatainn taobh a-muigh baile Lunnainn. Thachair seo ann an Taigh a' Bhaile ann an 1921 nuair a bhris Eirinn air falbh bhon Rìgh agus bhon Impireachd fhad 's a bha Lloyd George air làithean-saora ann an Ros an Iar. Air sgàth gun robh uimhir de dh'eachdraidh bhrùideil Alba timcheall air a' bhaile, chan eil mòran thogalaichean air fhàgail aig a bheil eachdraidh ainmeil ach a-mhàin an t-Seann Àrd Eaglais. Chaidh a'chuid as motha de dh'ailtireachd a' bhaile a thogail san 19mh linn. Bha Inbhir Nis ainmeil uaireigin nach robh e na Chathair-baile a chionn 's nach robh stìoball air a' chathair-eaglais. Ach chaidh seo a chur ceart sa bhliadhna 2000 nuair a fhuair e, an cois dà bhaile mòr eile nam Mìle-bliadhna, inbhe cathair-baile. Chaidh an dealbh a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 1874 LINN: 1870an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 30954 KEYWORDS_GAELIC: