Dearbh-aithne:QZP40_159_491TUAIRISGEUL:Bha e follaiseach do Sheanalair Wade (1673-1748) gun robh feum air dòighean conaltraidh leithid rathaidean ùra airson cur às do thaic dha nn Seumasaich. Chaidh fhastadh an dèidh aimhreit nan Seumasach ann an 1715 airson rathaidean cruaidh agus drochaidean a thogail dhan arm.
Eadar 1724 agus 1740, chaidh 240 mìle de rathaidean agus 40 drochaid a thogail a' ceangal Peairt, An Gearastan, Cill Chuimein agus Inbhir Nis. Bhon thug e ùine a' beachdachadh air an t-slighe a b' fheàrr gus an leanadh e cumadh na talmhainn gu nàdarra, tha na rathaidean sin fhathast gan cleachdadh an-diugh le luchd coiseachd agus luchd bhaidhsagal nam beanntan. Ann an àiteachan eile chaidh na rathaideanfhèin an togail as ùr. Tha pìosan mòra dhen t-slighe choiseachd ainmeil "An West Highland Way" a' leanntainn rathaidean Seanalair Wade.
Ann an 1724 mhol Seanalair Wade dhan riaghaltas gum bu chòir saighdearan na Gàidhealtachd a bhith air am fastadh fo oifigear aig an robh a' Ghàidhlig agus ri linn sin thàinig spionnadh as ùr anns an Fhreiceadan Dhubh. Ann an 1742 chaidh Wade a dhèanamh na Chomhairleach Dìomhair agus na iar-cheannard anns an arm. Chaidh a dhèanamh na fheachd-mharasgal ann an 1743.
Chaidh an dealbh seo a thoirt bho 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le. by John S. KeltieDEIT:1874LINN:1870anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:30960KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath