Dearbh-aithne:QZP40_159_726TUAIRISGEUL:Phòs Marcais Latharna (1845-1914), a bha a-rithist na 9mh Diùc Earra-ghàidheil, a' bhana-phrionnsa Louise (1848-1939), an ceathramh nighean aig Ban-rìgh Bhioctoria. Bha am pòsadh neo-àbhaisteach ann am Breatainn, far am biodh nighean rìgh no ban-rìgh mar bu tric a' pòsadh duine à teaghlach rìoghail eile.
Aig a' bhanais ann an 1871 b' e na 91mh Saighdearan Earra-ghàidheil a rinn an Geàrd Onoir. Ann an 1872 rinneadh Louise na h-Àrd-chòirneal aig an 91mh agus fhuair iad an t-ainm Saighdearan Earra-ghàidheil na Bana-phrionnsa Louise. Fhuair Marcais Latharna tiotal an 9mh Diùc Earra-ghàidheil ann an 1900 ach cha d' fhuair e fhèin agus Louise teaghlach a riamh agus s' e mac a bhràthar a fhuair an tiotal an dèidh a bhàis ann an 1914.
An deidh a bhàis b'fheàrr le Louise a bhith a staigh na h-aonar, ach ghabh i ri tiotal Àrd-chòirneal Saighdearan Chataibh ann an 1919 agus bhiodh i an làthair aig tachartasan carthanta. Bhàsaich i aig aois 91 ann an 1939, an tè a b' fhàide beò de chlann Bhioctoria.
Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 2', deasaichte le Iain S. KeltieDEIT:1875LINN:1870anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:30976KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath