Eòlas-talmhainn Loch Stafainn

Eòlas-talmhainn Loch Stafainn

Dearbh-aithne: QZP40_180_P070 TUAIRISGEUL: Tha litrichean a' comharrachadh nan sreathan de eòlas-talmhainn aig Loch Stafainn, san Eilean Sgìtheanach. A - 'lias' (creag chlach-iall) b - 'oolite' ìochdarach ('s e 'clach-ghlasaig' a th'ann an seo, air ainmeachadh seach gu bheil coltas uibhean èisg air structar na creige) c - 'oolite' meadhanach d - basalt colbhach neo-fhoirfe e -clachan-guail bheul-aibhne (creag ghlas bhog a tha a' briseadh ann an sreathan gu math furasda) f - crèadh Àth nan Daimh (seòrsa de chrèadha on mhuir le iomadh fosail ann) g - ribe 'Amygdaloidal' (tuill bheaga ann an creag theinntidh a tha làn de mhèinnearachan) Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Guide to the Island of Skye', air fhoillseachadh le Adhamh is Teàrlach MacIlle Dhuibh, Dùn Eideann (1854?) ÀITE: Loch Stafainn SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Cille Mhoire DEIT: 1854 LINN: 1850an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31004 KEYWORDS_GAELIC: