Dearbh-aithne:QZP40_223_P081TUAIRISGEUL:Bha daoine a' creidsinn gu robh an dà-shealladh aig na fiosaichean. Bha feadhainn a' creidsinn gun robh an tiodhlac seo a' ruith anns an fhuil, is bha feadhainn a' creidsinn nach robh leantainn sam bith ann. Bhiodh cinn-cinnidhean a' gabhail comhairle o na fiosaichean air mar a dheidheadh leotha ann am blàr.
Anns an dàn 'Lochiel's Warning', le Tòmas Caimbeul, tha Dòmhnall Camshron 'Sèimh' à Loch Iall a' gabhail comhairle o fhiosaiche air dol còmhla ris a' Phrionnsa Teàrlach ann an Aramach '45. Thug am fiosaiche rabhadh dha mun mhòr-thubaist a bha ri thighinn aig Cùil Lodair, ach bha Loch Iall air chur roimhe gun dèigheadh e ann.
Chithear an dealbh seo ann an 'The Highlands and Highlanders of Scotland' le Seumas CrombDEIT:1893NEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31040KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath