Dearbh-aithne:QZP40_227_P001TUAIRISGEUL:'S e Hiort (am prìomh eilean), Dùn, Sòdhaigh is Boraraigh na ceithir eileanan ann an Hiort. Tha iad mu 41 mìle an iar air Beinn a' Bhaoghla anns na h-Eileanan Siar. Tha daoine air a bhith a' fuireach annta fad 2,000 bliadhna, a' mhòr-chuid ann am Bàgh a' Bhaile is ann an Gleann Mòr. Tha mòran teisteanais àirseachail ann an Hiort gu robh Lochlannaich ann is cuideachd daoine o thràth ann an Linn an Umha.
Bha muinntir Hiort fèin-fhoghainteach, a' pàigheadh màl, dhen toradh aca, uair sa bhliadhna dhan bhàillidh, is bhiodh esan a' toirt ministear thuca a chum bainnsean is baistidhean a dhèanamh.
Anns an 19mh linn, bha barrachd dhaoine a' tadhal air na h-eileanan is thòisich na h-eileanaich a bhith an eisimeil air biadh air a thoirt a-steach, is cha robh iad cho fèin-fhoghainteach. Anns a' Chogadh Mhòr, bha cuideachd-airm nèibhi air a chumail air Hiort agus mar sin bha post is biadh air a thoirt dhan eilean gu cunbhalach. Nuair a chrìochnaich an cogadh, chrìochnaich an t-seirbhis seo is bha na h-eileanaich a' faireachdainn na b' aonaranaiche. Ann an 1930, dh'iarr iad an togail air falbh gu tìr-mòr.
Cheannaich 5mh Marcais Bhòid na h-eileanan, is dh'fhàg esan iad aig Urras Nàiseanta na h-Alba nuair a bhàsaich e ann an 1956. 'S ann an urra ri Urras Nàdarra na h-Alba a tha iad an-diugh. Tha Hiort na dhachaigh don àireamh shùlairean as motha san t-saoghal, an àireamh fhulmairean as motha ann am Breatainn is dàrna leth nam buthaidean ann am Breatainn. Cuideachd, tha stèisean reuair Ministreachd an Dìon air an eilean gus sùil a chumail air raon urchair Beinn a' Bhaoghla. Chan eil duine a' fuireach air na h-eileanan an-diugh ach luchd-armailteach, neach-glèidhidh, luchd-saidheans is luchd-tadhail.
Chaidh am map seo a thoirt o 'A Late Voyage to St Kilda, the Remotest of all the Hebrides, or Western Isles of Scotland' le Màrtainn Màrtainn, a bha am measg a' chiad luchd-turais a dh'fhoillsich iomradh air a chuairt an AlbaÀITE:HiortSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Na HearadhDEIT:1698LINN:1690anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (maps)ID Maoin:31043KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath