Dearbh-aithne:QZP40_250_32TUAIRISGEUL:Tha 10 mìle ann an Gleann Comhainn, bho Loch Leamhainn gu ruige Mòinteach Raineach. Is e làrach glè chudromach a tha ann a thaobh geòlais agus luibh-eòlais, agus cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba 12,800 acair sna 1930an. Air taobh tuath a' ghlinne tha druim Aonach Eagach, streap cho doirbh 's a tha air mor-thìr na h-Alba. Tha Bidean nam Bian air taobh ìseal a' chinn a deas, còmhla ri Buachaill Eite Beag a tha a' dol air ais gu ruige Gleann Eite, agus Buachaill Eite Mòr air taobh àrd a' chinn a deas. Tha an sgìre glè tharraingeach do luchd-coiseachd agus do luchd-streap.
Tha an gleann ainmeil cuideachd air sgàth Murt Ghlinne Comhainn. Ann an 1692 chuir an Riaghaltas saighdearan dearga fo cheannard Caimbeulach dhan ghleann a mharbhadh Clann Mhic Iain Ghlinne Comhainn. Bha iad airson eisimpleir a dhèanamh de Chlann Mhic Iain a chionn 's nach tug iad bòid dìlseachd do dh' Uilleam III. Fhuair na saighdearan dearga dìon bhon chathadh agus thug iad ionnsaigh air Cloinn Mhic Iain fhad 's a bha iad nan cadal. Chaidh 38 dhaoine a mharbhadh.
Thainig an dealbh seo bho 'Remarks on Local Scenery and Manners in Scotland' leab. 2 le Iain StoddartÀITE:Gleann ComhannSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEALDEIT:1801LINN:1800anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31050KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath