Dearbh-aithne:QZP40_262_P167TUAIRISGEUL:Tha Loch Laomainn faisg air 28 mìle ceàrnagach ann am farsaingeachd agus seo an loch fìor-uisge as motha ann am Breatainn a tha a-staigh air an dùthaich. Chan eil barrachd uisge ach ann an Loch Nis.
Seo an aon loch mhòr a th'air an Sgàineadh Ghàidhealach. Chaidh a cruthachadh le eigh-shruthan rè Linn na Deighe a gheàrr slighe chumhang anns na creagan cruaidh aig tuath agus slighe nas leatha tro na creagan bu bhuige aig deas. 'S e Beinn Laomainn - a' bheinn Rothach as fhaide deas - a' bheinn as àirde a tha timcheall air an loch. Mus deach Alba a stèidheachadh, bha Loch Laomainn eadar na trì rìoghachdan - Dàl Riata, Srath Chluaidh is Tìr nan Cruithneach.
Tha mu 37 eilean san loch, feadhainn dhiubh gam falach agus a' nochdhadh a rèir 's mar a tha an t-uisge ag èirigh 's a' tuiteam. Tha fèidh, iolairean buidhe is iomadh seòrsa èisg anns an loch agus timcheall oirre. 'S e am beathach as neònaiche a gheibhear aig Loch Laomainn wallaby le amhaich dhearg. Tha iad a' tuineachadh air fear de na h-eileanan as motha. Bha còir aca a bhith ann am pàirc fhiadh-bheatha, ach cha tàinig na planaichean gu buil.
Chaidh an dealbh-tìre seo a thoirt o 'An Excursion to the Highlands of Scotland and the English Lakes, with recollections, descriptions and references to historical facts', le Iòsaph MawmanÀITE:Loch LaomainnDEIT:1805LINN:1800anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31066KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath