Dearbh-aithne:QZP40_287_P001TUAIRISGEUL:Chaidh Caisteal Eilean Donnain a thogail mun 12mh linn air eilean beag far a bheil Loch Aillse, Loch Dubhthaich agus Loch Long a' coinneachadh. Thog Alasdair II an caisteal airson a bhith na dhaingneach aig àm nan Lochlannach. Thug Alasdair III an caisteal do Iarla Desmond à Èirinn agus fhuair Clann 'ic Choinnich seilbh air an dèidh sin. Bha an caisteal air ais 's air adhairt eadar Clann 'ic Choinnich agus na Moirich mus d' fhuair Iain MacCoinnich Chinn Tàile e mu dheireadh le Còirichean Rìoghail sgrìobhte.
Bha saighdearan Spàinnteach a' fuireach ann an Caisteal Eilean Donnain aig àm Aramach nan Seumasach ann an 1719. Air sgàth sin thug soithichean chogaidh an riaghaltais ionnsaigh air agus chaidh fhagail fàs.
Ann an 1912 cheannaich am Fo-cheannard Còirneal Iain MacRath-Gilstrap an caisteal agus chaidh ath-thogail a dhèanamh air eadar 1914 agus 1949, agus chaidh drochaid a chur ris.
'S e Caisteal Eilean Donnain fear de na caistealan an Alba as trice a chithear air cairtean puist, air mìosachain agus ann am fiolmaichean.
Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Scenes and Stories from the North of Scotland' le Iain Mac na CeardaichÀITE:Caisteal Eilean DonnainSGÌRE:Taobh an Iar Dheas RoisSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Cinn TàileDEIT:1890LINN:1890anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31067KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath