Dearbh-aithne:QZP40_287_P186TUAIRISGEUL:Bha iomadh far-ainm air Seonaidh Moozie, no Seonaidh MacEanraig, agus b' iad sin 'Glossey', 'Starney', 'Buckteeth' agus 'Rotten Legs'. B' e caractar neònach à Gallaibh a bh' ann agus bha e a' dèanamh iomadh seòrsa obair anns an sgìre. Bha e na mhaor eaglais agus b' e fear nan clag anns an eaglais. Bha e a' cladhach nan uaigh, na fhear-èigheachd naidheachdan a' bhaile, na oifigear anns a' chùirt, na dhorsair aig coinneamhan phoblach agus aig fèillean, na fhear-teachdaire agus chaidh a ràdh gun robh e na 'dhuine air leth feumail'.
Bha e eirmseach, èibhinn, comasach ged nach robh e air foghlam sgoile fhaighinn. Bha e onarach agus earbsach agus bha luchd nam banca ann an Inbhir Theòrsa tric ga chur a dh' Inbhir Nis le suimean mòra airgid.
Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Scenes and Stories of the North of Scotland' le Iain Mac na CeardaichDEIT:1890LINN:1850anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31075KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath