A' Cholaiste agus a' Chathair-eaglais ann an Eilean Idhe

A' Cholaiste agus a' Chathair-eaglais ann an Eilean Idhe

Dearbh-aithne: QZP40_350_P257 TUAIRISGEUL: 'S e 'Icolmkill' a' Ghàidhlig Èireannach airson Ì - eilean Chaluim na h-eaglais. Tha Eilean Ì air a bhith na chridhe Creideimh ann an Alba bho thàinig Calum Cille air tìr ann an 563RC. Chaidh rìghrean na h-Alba a thìodhlacadh ann an Eilean Ì gu àm MhicBheatha ann an 1057. Ann an 1156 chuir Somhairle an teiche air na Lochlannaich à taobh an iar na h-Alba agus b' e esan ciad Triath nan Eilean. B' e a mhac, Reginald MacDhòmhnaill, a cho-dhùin gum bu chòir do dh' Eilean Ì a bhith mar mheadhan Crìosdaidheachd anns an Roinn Eòrpa, agus thog e a' chiad mhanachainn ann an ainm Chaluim Chille agus a' chiad taigh-crabhaidh ann an ainm Augustine. An dèidh an Ath-leasachaidh chaidh an abaid bho fheum gu 1874 nuair a thug an t-8mh Diùc Earra-Ghàidheil barantas do Raibeart Rowand MacAnndra airson obair glèidhteachais a dheànamh air na tobhtaichean. Ann an 1899 fhuair Urras Cathair-eaglais Eilean Ì seilbh air an àite agus thòisicheadh ath-thogail. Ann an 1938 stèidhich an t-Urramach Seòras MacLeòid Coimhearsnachd Eilean Ì agus b' e an obair aca na togalaichean ùrachadh gus an cleachdadh. Tha an Abaid an-diugh air a cleachdadh le coimhearsnachd a tha ag obair agus ag aoradh ann agus tha Coimhearsnachd Eilean Ì agus Alba Eachdraidheil a' coimhead an dèidh togalaichean agus ceàrnaidh na h-Abaid. Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig T. Garnett 'Observations on a tour through the Highlands' ÀITE: Ì SGÌRE: Muile SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Fhìonnchain 's Cill MhicEòghainn DEIT: 1800 LINN: 1800an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31120 KEYWORDS_GAELIC: