Àrd-eaglais Eilean Idhe

Àrd-eaglais Eilean Idhe

Dearbh-aithne: QZP40_351A_2_P290 TUAIRISGEUL: Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A Tour in Scotland' le Tòmas Pennant. Tha Àrd-eaglais Ì, a th' air a togail ann an cruth croise, ri faicinn ann. Air a stèidheachadh anns an t-6mh linn le Calum Cille, 's e Àrd-eaglais Ì àite tìodhlagaidh Rìghrean tràtha na h-Alba. Chan eil dad den chiad togalach air fhàgail an-diugh; chaidh clachan a chur an àite an fhiodh cho tràth ri 1200 agus chaidh iomadh leudachadh a chur ris an àrd-eaglais suas gu meadhan an t-16mh linn. Chaidh an abaid fhàgail bàn is briste an dèidh ionnsaigh a thoirt air an àm an Ath-leasachaidh ann an1560 agus bha e mar sin suas gu 1899, nuair a thug Diùc Earra-ghàidheil an togalach do dh' Urras Àrd-eaglais Ìdhe. Ged a chaidh an togalach a thoirt dhan Urras, cha robh maoineachas sam bith na chois, 's mar sin chaidh iarrtas airgid a dhèanamh ann an 1901 gus airgead leasachaidh a thogail. Ged a thòisich obair an ath bhliadhna a' cur mullaich is uinneagan ùra ris aig cosgais £2,750, lean an ath-thogail air adhart o àm gu àm fad bhliadhnaichean gus an robh e crìochnaichte mu dheireadh ann an 1965 ÀITE: Ì SGÌRE: Muile DEIT: 1776 LINN: 1760an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31141 KEYWORDS_GAELIC: