Sealladh den Teallach, Achadh Dà Dhòmhnaill

Sealladh den Teallach, Achadh Dà Dhòmhnaill

Dearbh-aithne: QZP40_351A_2_P379 TUAIRISGEUL: Tha an dealbh seo on leabhar 'A Tour in Scotland', le Tòmas Pennant. Tha e a' sealltainn sealladh den Teallach, Munro a tha trì mìle an iar-dheas air Achadh Dà Dhòmhnaill. Tha a' bheinn 3,478 troigh a dh'àirde is tha an t-slighe chun a' mhullaich 22 chilemeatair. 'S e beinn Albannach thar 3,000 troigh a th'ann am Munro. Thàinig an t-ainm o Shir Ùisdean Rothach, a chlàr gach tè dhiubh. Cha robh an taigh san dealbh ach mu 2 bhliadhna a dh'aois nuair a bha Pennant san sgìre ann an 1769. Chaidh a thogail ann an 1767, a' leasachadh seann taigh san aon àite. Bha ceithir prìomh sheòmraichean ann, le staidhre sa mheadhan, mullach sglèat is uinneagan le glainne. Os cionn an dorais, tha clach le ceann-latha is cabair fhèidh, samhla chlann MhicCoinnich. Chithear an cidsin is seòmraichean nan searbhantan air an taobh chlì. Tha na reigean a chithear ris an aghaidh o sheann bhailtean is fhearainn Achadh Dà Dhòmhnaill. 'S ann mu 1705 a chaidh an t-ainm 'Dundonnell' a thoirt air - 's e 'Achatidonnell' a bh'air roimhe. Rugadh Tòmas Pennant (1726-1798) ann an Siorrachd Flint, Ceann a Tuath na Cuimrigh. B' e eachdraidh nàdarra, àrsachdan is siubhal na prìomh chur-seachadan aige. Chaidh e timcheall Alba ann an 1769 is 1772, is thug e iomradh air na h-àitean dhan deach e is na daoine ris an do choinnich e ÀITE: Achadh Dà Dhòmhnaill SIORRACHD/PARRAIST: ROS DEIT: 1776 LINN: 1760an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31153 KEYWORDS_GAELIC: