Dearbh-aithne:QZP40_352_FM_P001TUAIRISGEUL:Chaidh Caisteal Chionn Droma, faisg air Bealadair, a thogail anns an 13mh linn, 's dòcha le Iarla Mhàrr. Tha e ann an deagh shuidheachadh, os cionn rathaidean cudthromach anns an sgìre. Thadhail Eideard I air a' chaisteal, is thathar den bheachd gun tug e iasad den phrìomh chlachair aige a chum an taigh-geata a dhealbhadh, oir bha e coltach ri fear air caisteal Eideird ann an Harlech.
Chaidh an caisteal a losgadh ann an 1306 nuair a bha e fo smachd Shir Niall Brus, bràthair Raibeart Brus, an aghaidh na Sasannaich. Chaidh a chàradh is thug na Sasannaich ionnsaigh eile air ann an 1335. Ann an 1357 thugadh ionnsaigh eile air a' chaisteal, is fhuair Daibhidh II làmh an uachdar air Iarla Mhàrr, nach robh dìleas don rìgh. Ghabh Seumas I an caisteal thairis ann an 1435, 's e a' feuchainn ri smachd a chumail air na barain.
Bha na Seumasaich ann an Cionn Droma ann an aramach 1689 agus, ged a chaidh milleadh a dhèanamh air, chleachd Iain Erskine, Iarla Mhàrr, e mar champa nuair a thog e bratach nan Seumasach ann an 1715. An dèidh do na Seumasaich a bhith air an ruagadh, theich an t-Iarla dhan Fhraing, agus thrèig e an caisteal.
Ann an 1898, cheannaich Còirneal Seumas Ogden Cionn Droma, is thog e pàirt den chaisteal às ùr. An dèidh a bhàis, chaidh a thoirt dhan riaghaltas ann an 1951 is tha Alba Eachdraidheil a' coimhead as a dhèidh a-nis.
Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Antiquities and Scenery of the North of Scotland, in a series of letters to Thomas Pennant Esq', leis an Urr Teàrlach Cordiner, Ministear Chaibeil an Naomh Anndra, Banbh (1780)ÀITE:Caisteal Chionn DromaSGÌRE:BealadairDEIT:1780LINN:1780anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31178KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath