Caistealan Mhic na Ceàrdaich is Goirneag-Geòdh

Caistealan Mhic na Ceàrdaich is Goirneag-Geòdh

Dearbh-aithne: QZP40_352_FM_P008 TUAIRISGEUL: Thathar air eachdraidh na làraich seo ath-sgrìobhadh às dèidh rannsachaidh le Field Archaeology Specialists Ltd (FAS) aig Oilthigh York. Bhathar a' creidsinn gun do thog Iarlan Ghallaibh dà chaisteal an seo: fear sa 15mh linn agus fear eile aig toiseach an t-17mh linn. Is e 'Caisteal Goirneag-Geòdh'' a bh' air a' phrìomh structar agus b' e 'Caisteal Mhic na Ceàrdaich' a bh' air an togalach eile. Bhathar den bheachd gun deach an dà chuid a sgrios le gunnaichean-mòra rè ionnsaigh ann an 1690. A dh'aindeoin seo, tha rannsachadh FAS air dearbhadh nach robh ach aon chaisteal ann riamh. Chaidh tòiseachadh air an caisteal a thogail cho tràth ri deireadh a' 14mh linn agus bhathar air cur ris an togalach thar nam bliadhnaichean. Thogadh am pàirt mu dheireadh dhen chaisteal san t-17mh linn. Ann an 1606, fhuair Iarla Ghallaibh Achd Pàrlamaid gus ainm a' chaisteil atharrachadh bho Chaiseal Goirneag-Geòdh gu Caisteal Mhic na Ceàrdaich ach bhiodh daoine fhathast a' cleachdadh an dà ainm. 'S ann mar thoradh air seo a bha mì-thuigse ann agus gun robhar den bheachd gun robh dà chaisteal ann. Caisteal Mhic na Ceàrdaich Giornaigeò air fhosgladh don mhòr-shluagh an 1mh Lùnastail 2010 an dèidh pròiseict ath-thogail a sheas deich bliadhna, a' cosg £700,000. Tha dà earrann eile air am planadh a nì an togalach na phrìomh tharraing turasachd. Tha an dealbh seo a' nochdadh anns an leabhar 'Antiquities and Scenery of the North of Scotland, in a series of letters to Thomas Pennant Esq.', leis an Urr Teàrlach Cordiner, Ministear Eaglais Naomh Anndrais, Banbh (1780) ÀITE: Inbhir Ùige SGÌRE: Gallaibh an Ear SIORRACHD/PARRAIST: GALLAIBH: Inbhir Ùige DEIT: 1780 LINN: 1780an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31185 KEYWORDS_GAELIC: