Dearbh-aithne:QZP40_407_P080TUAIRISGEUL:Nochd an dealbh seo de dh'Eaglais Chaluim Chille - Eilean Ìdhe - sa leabhar 'Tours in Scotland 1747, 1750, 1760' le fear Ridseard Pococke, Easbaig na Mì; a chaidh fhoillseachadh le Comann Eachdraidh na h-Alba, 1887.
Tha an Abaid Bhenedioctanach a' dol air ais gun 12mh no 13mh linn, ged a bha coimhearsnachd chràbhach air a bhith air Eilean Ìdhe bhon àm a thàinig Calum Cille a-nall às Èirinn an 563 AD.
Thàinig adhradh manachail gu stad air Eilean Ìdhe aig àm an Ath-leasaichaidh an 1560 agus cha deach eaglais na h-abaid ùrachadh agus a chleachdadh a-rithist mar thaigh-adhraidh gu 1910. Mur seo, bha e na tobhta nuair a thadhail Pococke oirre an 1760. Bhathas ga h-ath-nuadhachadh fad na 20mh linne. Chaidh 'Coimhearsnachd Idhe' a stèidheachadh an 1938 agus rinn eadh obair ath-nuadhachaidh iomlan air an còrr dhe na togalaichean manachail. Tha a-nis mìltean de luchd-turais a' tadhail air an Abaid a h-uile samhradh, le beagan daoine cuideachd a' gabhail seachdainn mu seach a' fuireach innte.ÀITE:Abaid ÌSGÌRE:MuileSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Fhìonnchain 's Cill MhicEòghainnDEIT:1887LINN:1760anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31203KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath