Dùn, Dùn Dhùn Bheithe 's math dh'fhaodte, Gallaibh
Dearbh-aithne:QZP40_407_P157TUAIRISGEUL:Chìthear san dealbh seo plana-grunnd dùin. Tha e a' nochdadh sa leabhar 'Tours in Scotland 1747, 1750, 1760' le fear Ridseard Pococke, Easbaig na Mì, air fhoillseachadh le Comann Eachdraidh na h-Alba, 1887.
Tha an t-Easbaig Pococke air an dealbh ainmeachadh mar 'The Plan of a Pict's House' agus 's dòcha gur e an dùn air a bheileas a-mach ach an dùn aig Dùn Beithe, oir 's ann aig taigh fear Mgr Mac na Ceardaich an Dùn Beithe a bha e a' fuireach aig an àm a sgrìobh e seo agus cha robh an dùn ach leth-mhìle air falbh bhon taigh aige. Gu dearbha, a-rèir chlaraidhean RCHAMS, chaidh làrach an dùin a chladhach bho chionn mòran bhlaidhanach le Mgr MacThomais Mac na Ceardaich à Dùn Beithe'. 'S dòcha gur e seo an duine.
Bho chionn dà mhìle bliadhna bha pailteas bhroch an air feadh ceann a tuath agus tabh siar na h-Alba. 'S dòcha gun deach an togail a chum muinntir nan àite a dhìon fhad 's a bha iad fo chunnart. Chaidh an togail le da chloich cho-chruinn air an cneagal le sreathan leac de lobhtan. Bha staidhre sna ballachan airson faighinn gu lobhtan fiodha a' mhullaich.ÀITE:Dùn BeitheSGÌRE:Gallaibh a DeasSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: LatharanDEIT:1887LINN:1760anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31209KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath