Dearbh-aithne:QZP40_458_P001TUAIRISGEUL:Seo an dealbh a tha air balla a deas Cathair-eaglais na Cananaich. Chaidh a thoirt à leabhar le Aonghas J Peutan, 'Illustrated Guide to Fortrose and Vicinity, with an appendix on the Antiquities of the Black Isle', a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Nis ann an 1885.
Stèidhich an t-Easbaig Raibeart a' chathair-eaglais anns an 13mh linn, an dèidh do Easbaig Rois gluasad ann à Ros Mhaircnidh. Sguir an togail aig àm Cogadh na Saorsa 's chaidh tòiseachadh a-rithist aig deireadh a' 14mh linn.
Bha an togalach ann an droch staid an dèidh an Ath-leasachaidh. Thug Oilbhreis Crombail leis cuid den chloich dheirg à seo airson gearastan a thogail ann an Inbhir Nis. Thug muinntir a' bhaile leotha an còrr airson an dachaighean a thogail. Chan eil air fhàgail an-diugh ach an trannsa a deas den eaglais agus ciste naomh faisg air làimh.
Anns na trannsaichean tha trì uaighean: Oighrig, ban-iarla Rois, chaidh toirt oirre Alasdair S Stiùbhart, Madadh-allaidh Bhàideanaich a phòsadh, Easbaig Raibeart Cairncross, a bhàsaich ann an 1545, agus an t-Easbaig Iain Friseal a bhàsaich ann an 1507.
Tha iomadh leac marmor eile a' cuimhneachadh teaghlach Chlann' ic Coinnich Shìophoirt agus chaidh carragh a thogail mu 1800, don fhear-uasal Alasdair MacCoinnich à CùilÀITE:A' ChananaichSIORRACHD/PARRAIST:ROS: Ros MhaircnidhDEIT:1885LINN:1880anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31216KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath