Dearbh-aithne:QZP40_467_P086TUAIRISGEUL:Rugadh an t-Urr Raibeart Rothach ann an Srath Nabhair air 26mh Giblean 1853 is chaidh e gu Sgoil An t-Srathaidh, a bha faisg air làimh. Lean e fhoghlam aig Oilthigh Chill Rìmhinn, far an d'fhuair e B.D. is M.A., is a' Cholaiste Ùr, Dùn Èideann. Chaidh a shuidheachadh mar mhinistear na h-Eaglaise Shaoir ann an Cill Phàdraig, Siorrachd Dhùn Bhreatainn, ann an 1878.
A thuilleadh air an obair sgìreil aige, choisinn e iomadh duais airson rannsachadh ann an diadhachd, feallsanachd, corp-eòlas, beul-aithris is litreachas. Dh'fhoillsich e iomadh aiste air na cuspairean seo ann an irisean mar 'Encyclopedia Britannia', 'The Celtic Monthly', 'The National Observer' is 'The Illustrated London News'. Chaidh a thaghadh mar Chompanach den Chomann Rìoghail, Dùn Èideann, Companach de Chomann Àrsairean na h-Alba agus mar bhall den Mhaoin Litreachail Rìoghail, Lunnainn.
Bha a shinnsearachd o Rothaich Fhoghlais is am meur Abrach de Chlann 'ic Aoidh, is bha ùidh mhòr aige ann an Gallaibh, far an do rugadh is a thogadh e. Tha an dealbh seo air a toirt o 'Sutherland and the Reay Country', air a dheasachadh leis an Urr Adhamh Guinne is Iain MacAoidh, 1897. Sgrìobh an t-Urr Rothach a' chaibideil 'The Antiquities of Sutherland' san leabharDEIT:1897LINN:1890anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31238KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath