An t-Urramach Seumas Aberigh-MacAoidh

An t-Urramach Seumas Aberigh-MacAoidh

Dearbh-aithne: QZP40_467_P382 TUAIRISGEUL: Rugadh an t-Urramach Seumas Aberigh-MacAoidh ann an Inbhir Nis ann an 1820, is thàinig e gu bhith na cheannard air Clann MhicAoidh Shrath Nabhair. An dèidh dha crìochnachadh aig Oilthigh Obar Dheathain, chuir e seachad bliadhnaichean anns Na Stàitean Aonaichte mus do thill e a dh'Inbhir Nis, far an d'fhritheil e ann an Caibeal an Naoimh Eòin. Chaidh e gu Na h-Innseachan ann an 1857 is ghabh e pàirt anns an Ar-a-mach Innseanach. Bha e a' sabaid còmhla ris an rèisimeid, an 9mh Lannsairean, is fhritheil e aig Penang, Meerut, Simla is Calcutta. An dèidh 18 bliadhna ann an seirbhis, thill a gu Breatann is chum e air a' frithealadh aig an taigh is thall-thairis. Bha a mhac a bu shine, Seumas L Aberigh-MacAoidh, na Fho-cheannard Còirneal anns an 8mh Eachraidh Bhengal, is bha e air aithneachadh mar fhear de na prìomh oifigearan eachraidh anns an arm Bhreatannach. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Sutherland and the Reay Country', deasaichte leis an Urr Adhamh Gunnach & Iain MacAoidh, 1897 ÀITE: N/A CREATOR (AV): Rev Adam Gunn, MA & John Mackay (eds) DEIT: 1897 LINN: 1890an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31265 KEYWORDS_GAELIC: