Dearbh-aithne:QZP40_468_P053TUAIRISGEUL:Chaidh an dealbh seo a thoirt bho "Argyll's Highlands" le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn Caisteal Dhùn Naomhaig, faisg air Port Ilein, air oirthir an ear Ìle. Tha a h-uile coltas gur ann bhon t-siathamh linn deug a tha an tobhta, ach dh'fhaodadh gu robh dùn an-seo bho na 1200an. Tha fianais ann a' moladh dhuinn gur e cuithir no caisteal a bh' ann do Thighearnan nan Eileanan anns a' cheathramh linn deug. B' ann le Dòmhnallaich Dhùn Naomhaig a bha e aig aon àm, agus an dèidh sin b' e campa armailteach agus poileataiceach cudthromach a bh'ann.
Tha e coltach gu bheil Naomhag a' ciallachadh 'bàtaichean beaga' agus tha sin ag ìnnse dhuinn gu robh geata ann taobh na mara dhan chaisteal a bharrachd air geata taobh na tìreÀITE:ÌleSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Daltan 's An ObhaDEIT:1902NEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (photographs)ID Maoin:31270KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath