Caisteal Phort an Eilein is Eilean-na-comhairle, Ìle

Caisteal Phort an Eilein is Eilean-na-comhairle, Ìle

Dearbh-aithne: QZP40_468_P060 TUAIRISGEUL: Chaidh an dealbh seo a thoirt o "Argyll's Highlands" le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn Caisteal Phort an Eilein is Eilean-na-comhairle air eilean Ìle. B' e sean chathair is pàrlamaid Thighearna nan Eileanan a bh'ann an Caisteal Phoirt an Eilein. Suidhichte air Eilean Mòr, bha iomadh togalach neo-choigreachail, gun daingneachd anns a' chaisteal, is cha robh tùr no balla cùirtear air. Tha Eilean-na-comhairle mu 50 meatair o cheann deas Eilean Mòr. Fhuair e an t-ainm air sgàth gur ann an sin a bha Tighearna nan Eileanan a' cumail cùirt, a rèir na laghan a rinn Reginald, Mac Shomhairle, sinnsear na Dòmhnallaich. Bha cabhsair eadar an t-eilean is Eilean Mòr aig aon àm, ach tha e fo Loch Phort an Eilein a-nis ÀITE: Port Asgaig SGÌRE: Ìle SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh DEIT: 1902 NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (photographs) ID Maoin: 31273 KEYWORDS_GAELIC: