Dearbh-aithne:QZP40_569_P353TUAIRISGEUL:B' e seo bratach Iain Gòrdain, Gleann Buichead. Cheangail Gleann Bhuichead e fhèin ri arm Prionnsa Teàrlaich ann an Dùn Eideann anns an Ar-a-mach Seumasach ann an 1745. Anns an Armach Seumasach ann an 1715 b' e Màidsear-Seanalair a bh'ann ann an arm Mhàrr.
Bha rèisimeid Ghleann Bhuicheid anns an dara loidhne den arm Seumasach aig Blàr Chùil Lodair. An dèidh a' bhlàir, sheachainn e glacadh le bhith cur aodach duine truagh air is fhuair e às a Nirribhidh air soitheach Suaineach.
Chithear an dealbh seo anns a' chiad leabhar de 'Historical Papers Relating to the Jacobite Period 1699-1750', deasaichte le Còirneal Seumas Allardyce LL.D is air a chlò-bhualadh ann an Obar Dheathain dhan Chomann Spalding Ùr. 'S e comann seanachaidh eachdraidheil a bh'ann an Comann Spalding, air ainmeachadh air Iain Spalding, fear-lagha is Clàrc Comasdair Obar Dheathain nuair a bha Teàrlach I na rìghDEIT:1895LINN:1740anNEACH-FIOSRACHAIDH:Leabharlainn na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Fraser Mackintosh Collection (illustrations)ID Maoin:31304KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath