Srath Pheofhair

Srath Pheofhair

Dearbh-aithne: QZP40_784_P013 TUAIRISGEUL: Tha Srath Pheofhair 4 mìle an iar air Inbhir Pheofharain. Anmoch san 18mh linn, bha cuid de dhaoine a' creidsinn gu robh cumhachd leighis aig na fuarain anns an robh mòran pronnasg is iarainn, is thàinig luchd-turais dhan bhaile gun sguir. Thàinig an rèile ann an 1885, agus on àm sin gu toiseach a' Chiad Chogaidh bha am baile na àite a bha a' tàladh luchd-turais. Tha a' mhòr-chuid de na togalaichean anns a' bhaile air an togail le clach riochd-bhriathrach (metamorphic) ghlas is tha an dòigh Bhioctorianach anns a bheil na togalaichean air an sgaoileadh a' dèanamh cinnteach gu bheil iomadh àite feurach ann. Le bhith a' cumail nan togalaichean Bhioctorianach gun an leagail, tha an t-àite fhathast a' tàladh mòran bhusaichean làn luchd-tadhail. Tha clach Chruithneach, air ainmeachadh 'a' Chlach Iolaire' ann an Srath Pheofhair. Tha fàistneachd a rinn Coinneach Odhar ag ràdh gum bi soithichean a' leigeil acair sìos anns an àite sin ma thuiteas a' chlach trì turais. Tha a' chlach suidhichte ann an samant a-nis. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893) ÀITE: Srath Pheofhair SGÌRE: Inbhir Pheofharain SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Fothraitidh DEIT: 1893 LINN: 1890an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31325 KEYWORDS_GAELIC: