Caisteal Chill Rathaig

Caisteal Chill Rathaig

Dearbh-aithne: QZP40_784_P019 TUAIRISGEUL: Chaidh Caisteal Chill Rathaig a thogail mu 1460 leis an teaghlach Ròs à Siorrachd Inbhir Nàrainn. Thug Iain, Tighearna nan Eilean is Iarla Rois, cead dhaibh an caisteal a thogail. Tha an caisteal mu 5 mìle an iar-dheas air Inbhir Nàrann, faisg air Caisteal Chaladair, a' coimhead thar Abhainn Inbhir Nàrainn. Ged a bha na paipearan cumhnant ann an Cathair-eaglais Eilginn nuair a chaidh a losgadh sios le 'Madadh-allaidh Bhàideanaich' ann an 1390, tha a h-uile coltas gur e an aon duine a dhealbhaich Cill Rathaig sa dhealbhaich Caisteal Chaladair sia bliadhna na bu tràithe, bhon chithear comharraidhean an aon chlachaire sa chloich os cionn dhorsan an dà chaisteil. Am measg luchd-tadhail ainmeil a thàinig dhan chaisteal bha Màiri, Ban-rìgh na h-Alba, Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart, Diùc Chumberland is Raibeart Burns. Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Mackenzie's Guide to Inverness', le Alasdair MacCoinnich (Inbhir Nis, 1893) ÀITE: Caisteal Chill Rathaig SGÌRE: Inbhir Narann (gu tìr) SIORRACHD/PARRAIST: SIORRACHD NARANN: Crothaigh 's Dealgros DEIT: 1893 LINN: 1890an NEACH-FIOSRACHAIDH: Leabharlainn na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Fraser Mackintosh Collection (illustrations) ID Maoin: 31331 KEYWORDS_GAELIC: